Centre for Teaching Excellence

Fo-ionad Rannsachaidh airson Foghlam Dhidseatach agus Tuigse Innealta (AI) ann an Leasachadh Eòlas-teagaisg

Tha am Fo-ionad airson Foghlam Didseatach agus Tuigse Innealta (AI) ag amas air taic a thoirt do choimhearsnachd ionnsachadh proifeiseanta shoirbheachail do thidsearan Albannach aig a bheil ùidh ann an dòighean obrach ann an litearrachd didseatach, litearrachd dàta agus litearrachd AI a tha bonntaichte air rannsachadh a leasachadh.

Bidh am fo-ionad a’ tabhann mion-fhiosrachadh rannsachaidh agus cothroman do thidsearan agus acadaimigich co-roinn, deasbad agus beachdachadh a dhèanamh air an cuid eòlais agus an cleachdaidhean teagaisg. A bharrachd air sin, cuiridh e ionnsachadh proifeiseanta mu chuspairean a thaobh litearrachd didseatach, litearrachd dàta agus litearrachd AI a tha bonntaichte air rannsachadh ri fhaighinn le tidsearan. Ag obair còmhla ri tidsearan, cruthaichidh e cuideachd stuthan foghlaim eadar-ghnìomhail aig àrd ìre a dh’fhaodas tidsearan a chleachdadh anns na clasaichean aca, a’ cur taic riutha ann a bhith a’ lìbhrigeadh tachartasan ionnsachaidh a tha tarraingeach don cuid oileanaich.