Prìomh Fo-ionad Foghlam na Gàidhlig
Tha am Fo-ionad airson Foghlam na Gàidhlig ri lorg ann an Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach, agus tha e a’ toirt taic - aghaidh ri-aghaidh agus air-loidhne - agus gnìomhachd a tha bonntaichte air rannsachadh, do thidsearan air feadh na h-Alba a tha ag obair ann am foghlam Gàidhlig. Le cuideam air rannsachadh nàiseanta agus eadar-nàiseanta a thaobh foghlam bogaidh, bidh mion-fhiosrachadh rannsachaidh, coimhearsnachdan cleachdaidh, còmhraidhean proifeiseanta agus com-pàirteachas rannsachaidh gan tabhann, a’ cur taic ri pàirt a ghabhail ann am feòrachadh luchd-cleachdaidh agus fianais a sgaoileadh am measg luchd-dreuchd eile gus builean foghlam Gàidhlig a thoirt am feabhas. Tha am fo-ionad cuideachd ga dhèanamh nas fhasa faighinn gu stuthan ann an Gàidhlig ceangailte ri rannsachadh a thèid a chruthachadh leis na fo-ionadan eile.