Fo-ionad Rannsachaidh airson Eòlas-teagaisg a chuireas taic ri buileachadh ann an seòmraichean clas eadar-mheasgte
Bidh Fo-ionad Cuspaireil Taic do Bhuileachadh ann an Seòmraichean Clas Eadar-mheasgte ag amas air:
- Tidsearan a chuideachadh gus a dhol an sàs ann an ionnsachadh proifeiseanta tro bhith a’ solarachadh co-chuir goirid agus goireasan, a’ togail air rannsachadh agus poileasaidh gus dèiligeadh ris na prìomh thèaman a chaidh a chomharrachadh leis an Fho-ionad Cuspaireil agus le luchd-ùidhe
- Taic a thoirt do thidsearan a bhith a’ beachdachadh air agus a’ leasachadh an dòighean obrach gus an cuid rannsachaidh fhèin a chruthachadh tro fheòrachd neach-dreuchdail, agus iad a’ co-obrachadh ann an coimhearsnachdan cleachdaidh.
Cleachdaidh am Fo-ionad Taic do Bhuileachadh ann an Seòmraichean Clas Eadar-mheasgte raon didseatach air-loidhne ISMT gus a’ bhuaidh as motha a thoirt air gach pàirt den dùthaich a thaobh prìomh raointean tar-shìnte aithnichte: a’ togail chàirdeis agus a’ brosnachadh giùlan dòigheil; a’ cur eòlasan-teagaisg in-ghabhalach air adhart; soirbheachadh tro eadar-mheasgachadh; a’ leasachadh sgilean comhairleachaidh gus taic a chur ri càirdeas agus buileachadh, agus a’ cur taic ri slàinte inntinn agus sunnd luchd-ionnsachaidh agus luchd-teagasg.